Cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath,
Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear,
Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar,
Ach an galair a bhlean bho 'n deas
Blàth, duilleach, stoc, agus freumh
Canan mo threubh 's mo shluaidh.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal.
Uair chite fear-feilidh 'sa ghleann
Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt
Ach spion iad a fhreumh as an fhonn
'N aite gàidhlig tha canan a Ghoill
'S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn
'S tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt'.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal.
Far a nuas dhuinn na coinnleirean òir
'S annt' caraibh coinlean geal ceir
Lasaibh suas iad an seòmair bhroin
Tìgh-'aire seann chanan a' Ghae'l
'S sud o chionn fhad' thuirt a namh
Ach fhathast tha beò canan a' Ghae'l.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal.
Ged theich i le beath' as na glinn
Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo
O Dhuthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bo
Gigheal, dhi na Eileanan Siar
'S i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal.
- 专辑:Héritage des Celtes
- 歌手:Dan Ar Braz
- 歌曲:Language of the Gaels